Tha Bàgh an Àth Leathainn ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich glè chudromach bho thaobh nàdar agus cultar.
Tha sinne air slighe a chruthachadh eadar an Cidhe Ùr san Àth Leathann agus Tobair an Naoimh Maol rubha ann an Aiseag a tha tarraing aire gu na prìomh làraich agus a tha ceangailte ris na sgeulachdan as cudromaiche ann an eachdraidh na sgìre. Tha làrach-lìn agus app airson android a’ leigeil le daoine na làrach seo a rannsachadh dha rìreabh no aig astar.
Ge bith a bhuineas tu dhan àite no a bheil dùil agad a thighinn air turas cuiridh e iongnadh ort na dh’ ionnsaicheas tu mun sgìre.
Tha an cuimhneachan seo ri lorg taobh a-staigh gàrraidhean coimhearsnachd a chaidh an cruthachadh mar chuimhneachan air Seumas Ros (1845-1902) a bha na thuathanach agus leis an barrachd...
Airson barrachd fiosrachaidh mun sgìre, faodar bruidhinn ri Buidheann Coimhearsnachd An Àth Leathainn agus an t-Strath. Tha sinn an dùil làrach-campachaidh fhosgladh a dh’aithghearr, agus bidh fàilte bhlàth ro luchd-turais is luchd-tadhail sam bith, feuch gun tig sibh a chèilidh!
Nam bu toigh leibh bruidhinn ri luchd-cruthachaidh a’ phròiseict, leigibh fios gu Cànan.