Mun t-Slighe

Tha an t-slighe ìosal seo a’ tòiseachadh aig a’ Chidhe Ùr san Àth Leathann agus a’ criochnachadh aig Tobair an Naoimh Maol Rubha ann an Aiseag, a’ gabhail a-steach 14 diofar làrach inntinneach air an t-slighe. Nuair a gheibh thu an app agus a thòisicheas tu air an t-slighe innsidh am fòn dhut càit a bheil thu agus bheir e fiosrachadh dhut mu gach làrach.

Tha an t-slighe gu lèir timcheall air 4.2 mìle a dh’fhaid agus bu chòir gun toireadh e mu eadar 1.5 agus 2 uair a thìde a choiseachd. Tha an t-slighe a’ leantainn an rathaid a mhòr chuid den ùine ach a-mhàin eadar Achadh a’ Chùirn agus Breacais Ìosal far a bheil frith rathad a’ ceangal an dà bhaile. Tha an t-slighe san fharsaingeachd còmhnard ach a-mhàin corra chnoc bheag ann am Breacais. Bithibh mothachail mu chàraichean gu sònraichte air rathaidean aon-fhìllte. Cuideachd, cuimhnichibh gur e pàirt den Chùl Chinn a th’ ann an Aiseag agus leis a-sin chan eil feansaichean ann agus gur dòcha gum bi crodh mun cuairt a dh’fhaodadh an aghaidh a thoirt oirbh.

Gheibhear cuideachd air an t-slighe a ghabhail le bhith draibheadh pàirt den ùine.

A map of Skye, showing how Broadford sits in the southern part